Jump to content

Màl dubh

O Uicipeid

 

Is e màl dubh eucoir sa bheil airgead ceilg ga thagairt o neach le maoidheadh air.

Theirear màl dubh ri cealg sa bheilear a' maoidheadh air neach fiosrachadh cliù-mhillteach no tuaileasach fhoillseachadh mur freagair e ris na thathar a' tagairt bhuaithe. Faodaidh cron is fòirneart a bhith an lùib nam bagairtean, agus maoidheadh tagradh-cùirte air fon lagh.


Facal-fhreumhachd

[deasaich | deasaich an tùs]

Ged a thàinig am facal "màl" a-steach don Ghàidhlig on t-Seann-Bheurla, theirear gur ann às a' Ghàidhlig a thàinig an ràdh blackmail fhèin don Bheurla o thùs. A rèir chunntasan àraidh, nuair a thigeadh na Gàidheil a-nuas don Ghalltachd no do cheann-a-tuath Shasainn le dròbhan mòra cruidh, bha aca ri cìs rathaid a phàigheadh do gach uachdaran a leigeadh tro fhearann iad. Theireadh iad "Màl Bealaich" ri seo, agus dh'fhàs an ràdh cumanta am measg nan Gall 's gun tug iad blas na Beurla air. Ri ùine thàinig mail beloch gu beloch mail, 's air a' cheann mu dheireadh gu blackmail. Chailleadh an ràdh màl bealaich sa Ghàidhlig fhèin agus thugadh "màl dubh" air ais le atharrachadh brìgh, mar a tha e an-diugh san t-seagh co-cheangailte ri eucoir anns an lagh.

  • The Glasgow Highlander. Vol 1, No. 1, Disathairne, 23 An t-Sultain (1933).