Dnipro
Dnipro Дніпро
| |||||
![]() | |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Ceàrn | ![]() | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 48° 28 03' Tuath 35° 02 24' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 409.718 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 980,948 (2021) | ||||
Dlùths | 2,394.2/km² | ||||
Àireamh fòn | + 380 562 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
'S e baile mòr eadar Poltava agus Zaporizhzhia anns An Ucràin a th' ann an Dnipro (Ucràinis: Дніпро, Pòlais: Dniepr, IPA: dn⁽ʲ⁾iˈprɔ). Tha e suidhichte air an àirde an ear na dùthcha, ri taobh na h-Aibhne Dnipro fhèin, san roinn Dnipropetrovska Oblast. Tha 980,948 duine a' fuireach an seo, an ceathramh baile as motha na h-Ucràine.
Eachdraidh
Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1776 mar Ekaterinoslav mar urram air Caitrìona II na Ruise agus chanadh Dnipropetrovsk ris eadar 1926 agus 2016, mar urram air Grigory Petrovsky. Ann an 1991, thàinig Dnipro gu bhith na phàirt de nàisean neo-eisimeileach na h-Ucràine.
Eòlas-sluaigh
A rèir a' Chunntais-shluaigh a rinneadh ann an 2021, 's e Ucràinis a tha a' mhòr-chuid nan daoine ann an Dnipro a' bruidhinn (53.08%), ged a tha mion-chuid ann le Ruisis (45.87%) cuideachd.[1]
Daoine Ainmeil
- Viktor Petrov (1894 - 1969). Sgrìobhadair.
- David Nachmansohn (1899 - 1983). Bith-cheimigear.
- Yulia Tymoshenko (1960). Neach-poileataigs.